Sgeulachdan an Taobh Siar: Anna agus na Corragan

Air innse le sgoilearan Sgoil Shiaboist | Recited by pupils at Sgoil Shiaboist as part of Beairteas 2023/4: Sgeulachdan, Rannan & Tòimhseachain an Taobh Siar. Anna agus na Corragan Cha bhiodh Anna a’ dèanamh dad aig an taigh (Crath do cheann) Cha robh i a’ cuideachadh a teaghlach. Bhiodh i na suidhe agus a làmhan na h-uchd. Cha bhiodh i a’ nighe na soithichean. Cha bhiodh i a’ sguabadh an làr. Cha bhiodh i a’ sgioblachadh agus cha bhiodh a’ cur dad dhan sgudal! Na faiceadh sibh an rùm aice. O mo chreach! (sùilean) (corrag a’ trod) Ach anns an sgoil bha i cho dìcheallach. Bhiodh i ag obair gu cruaidh. Bhiodh i a’ sgioblachadh a’ bhùird. Bhiodh i a’ cur a-mach na leabhraichean agus bhiodh i a’ cur sgudal dhan bhion. Aon là bha Anna anns an rùm aice. Bha Mamaidh fiadhaich. (Corrag) “Sgioblaich an rùm agad!” Ach bha Anna na suidhe agus a làmhan na h-uchd. Bha an rùm cho mi-sgiobalta. Bha a h-aodach air an làr. Bha leabhraichean air an làr. Bha tubailt fhliuch air an leabaidh agus cha robh i air an leabaidh a chàradh. Mhothaich i rudeigin a’ gluasad bhon tubhailt. An e an cat a bh’ann? Chan e! ’S e Bodach Beag a bh’ ann le cluasan mòra, craiceann liorcach agus feusag fhada! “’S e mise an Sìthiche agadsa, Anna. Dè nì mi dhut?” “An sgioblaich thu an rùm agam?” thuirt Anna. “Nì sinn sin,” thuirt am Bodach agus chrath e a làmhan. A-mach às a chorragan leum 10 rionnagan beaga. Cho luath ris an dealanaich chaidh iad timcheall an rùm. Shuidh Anna le a làmhan na h-uchd. Chroch iad a còta. Thog iad an tubailt agus phaisg iad a h-aodach. Chuir iad na leabhraichean air ais agus chàraich iad an leabaidh. “A bheil thu toilichte leis an rùm agad a-nis?” dh’fhaighnich am Bodach. “O tha!” thuirt Anna. “Tapadh leibh.” (Bha i gu math modhail!) “Tha sinne a’ falbh a-nis,” thuirt am Bodach. “Fuirich!” thuirt Anna. “Chan urrainn dhomh fuireach,”thuirt am Bodach, “oir tha agam ri dhol a dh’fhaicinn clann eile.” Thug e a-mach liosta. “Is mise an sìthiche aig…Sian, agus Magnus, agus Nuala cuideachd. Ach fagaidh mi cuideachadh agad.” Cuir a-mach do làmh chlì. Seall dhomh d’ Òrdag. Agus leum rionnag bheag am broinn a h-òrdaig agus thòisich i ri danns. Seall dhomh an Sgeilbeag. Agus leum rionnag bheag am broinn na Sgeilbeig agus thòisich i ri danns. Seall dhomh an Gunna Fada. Agus leum rionnag bheag am broinn a’ Ghunna Fada agus thòisich i ri danns. Seall dhomh Mac an Aba. Agus leum rionnag bheag am broinn Mac an Aba agus thòisich i ri danns. Seall dhomh an Lùdag Bheag. Agus leum rionnag bheag am broinn na Lùdaige Bige agus thòisich i ri danns. Cuir a-mach do làmh dheas. Seall dhomh d’ Òrdag. Agus leum rionnag bheag am broinn a h-òrdaig agus thòisich i ri danns. Seall dhomh an Sgeilbeag. Agus leum rionnag bheag am broinn na Sgeilbeig agus thòisich i ri danns. Seall dhomh an Gunna Fada. Agus leum rionnag bheag am broinn a’ Ghunna Fada agus thòisich i ri danns. Seall dhomh Mac an Aba. Agus leum rionnag bheag am broinn Mac an Aba agus thòisich i ri danns. Seall dhomh an Lùdag Bheag. Agus leum rionnag bheag am broinn na Lùdaige Bige agus thòisich i ri danns. Bha na corragan aig Anna a’ danns. Nuair a sheall i mun cuairt cha robh sgeul air a’ Bhodach Bheag. Cha b’urrainn dha Anna suidhe le a làmhan na h-uchd. Bha i ag iarraidh rudeigin a dhèanamh. Chaidh i sìos an staidhre. Chaidh i dhan chidsin agus sguab i an làr. Nigh i na soithichean a bha anns an t-sinc. Sgioblaich i am bòrd agus chuir i a-mach an sgudal. Bhon là sin cha robh Anna gu bràth tuilleadh na suidhe le a làmhan na h-uchd. https://www.feisean.org/beairteas/