Sgeulachdan an Taobh Siar: Oidhche Fhiadhaich anns a' Bhàthaich
Air innse le sgoilearan Sgoil Bhreascleit | Recited by pupils at Sgoil Bhreascleit as part of Beairteas 2023/4: Sgeulachdan, Rannan & Tòimhseachain an Taobh Siar. Oidhche Fhiadhaich anns a' Bhàthaich Bha Dòmhnall ag obair air a’ chroit anmoch. Chaidh e a-steach dhan bhàthach agus thuirt e, “Oidhche mhath leibh, a chruidh.” Bha an t-uisge a dòrtadh. Brig brig Bha a’ gaoth a’ sèideadh tron uinneig. UUUU UUUUU Bha tàirneanaich agus dealanaich ann. BRAG Bha na clachan-meallain a’ bualadh air mullach na bàthaich. Brag Brag “Muuuu. Chan urrainn dhuinn cadal!” thuirt an crodh. Thuirt Dòmhnall riutha, “Tha sibh feumach air cuideachd is còmhradh. 1. Agus seo dhuibh an cat.” Miao Miao Miao Agus an uair sin thuirt e, “Oidhche mhath leibh, a chruidh.” Bha Miao! aig a’chat, bha an t-uisge a dòrtadh, a’ ghaoth a’ sèideadh, bha tàirneanaich agus dealanaich ann agus bha clachan meallan a’ tuiteam. Agus thuirt an crodh le mù, “Chan fhaigh sinn norradh cadail!” Thuirt Dòmhnall riutha, “Tha sibh feumach air cuideachd is còmhradh. 2 Seo dhuibh cù – uaff uaff grrr 3 Seo dhuibh caora – mèa mèa 4 Seo dhuibh coileach – gog adù a lù. Bha gog adù a lù! aig a’ choileach, mèa! aig a’ chaora, uaff! aig a’ chù, miao! aig a’ chat, bha an t-uisge a’ dòrtadh, a’ ghaoth a’ sèideadh, bha tàirneanaich agus dealanaich ann, agus clachan meallain a’ tuiteam. Thuirt an crodh le mùuu, “Chan fhaigh sinn norradh cadail!” Stad Dòmhnall agus smaoinich e. Agus - thug e bhuapa an cat – miao! Agus thug e bhuapa an cù – grrr! Agus thug e bhuapa a’ chaora – mèa! Agus thug e bhuapa an coileach – gog adù a luu! Agus an uair sin thuirt e, “Oidhche mhath leibh, a chruidh.” Bha an t-uisge a’ dòrtadh. Brig Brig Bha a’ ghaoth a’ sèideadh tron uinneig. UUUU UUUUUU Bha tàirneanaich agus dealanaich ann. BRAG Agus bha na clachan meallain air mullach na bàthaich. Brag Brag. Agus thuit an crodh nan trom chadal. Iiiiist https://www.feisean.org/beairteas/

Sgeulachdan an Taobh Siar: Deirdre agus Clann Uisnich

Sgeulachdan an Taobh Siar: Am fear nach fhaiceadh an t-ìm

Wellesley Middle School Spring Choral Concert

Sgeulachdan an Taobh Siar: Màiri a’ fuireach aig taigh Granaidh

Sgeulachdan an Taobh Siar: Anna agus na Corragan

Sgeulachdan an Taobh Siar: Taigh na Cailliche Bige agus Taigh a’ Bhodaich Bhig

BEAIRTEAS Seisean 1 – Mairead NicLeòid (Na h-Òganaich) & Norrie Tago MacÌomhair

Princess Of Boogie Woogie Delights Everyone

How Historical Swordfight Really Looked Like

Unbelievable Smart Worker & Hilarious Fails | Construction Compilation #1 #adamrose #smartworkers

Everyone Ignored Him… Until He Played | GUITAR PRO pretended TO BE HOMELESS

Mr.Bean Making Celebrities Cry With Laughter NONSTOP!

Britain's Celtic languages explained

When Animals Surprise Photographers in the Sweetest Way! 😍

Argentinien – Ägypten Highlights | Achtelfinale, FIFA WM 2026 | sportstudio

Verrückte Tore, die wir so NIE WIEDER sehen werden

When an Audition Goes WRONG! ⛔ | Britain's Got Talent

Sgeulachdan an Taobh Siar: Bodach an t-Sìlein

I taught an octopus piano (It took 6 months)

