Sgeulachdan an Taobh Siar: Bodach an t-Sìlein

Air innse le sgoilearan Sgoil Shiaboist | Recited by pupils at Sgoil Shiaboist as part of Beairteas 2023/4: Sgeulachdan, Rannan & Tòimhseachain an Taobh Siar. Bodach an t-Sìlein Lorg bodach sìol. “Nì mi m’ fhortan le seo!” 1 Chaidh e gu taigh Cailleach: “An coimhead thu as dèidh an t-sìl seo dhomh?” “Gu dearbh nì mise sin,” thuirt a’ chailleach. Dh’fhàg e an sìol aig taigh na caillich. An ath-là thill am bodach. “Càit a bheil an sìol?” “Tha mi cho duilich ach dh’ith a’ chearc agamsa an sìol,” thuirt a’ chailleach. “Tha sin ceart gu leòr,” thuirt am Bodach. “Ach ma dh’ith a’ chearc agadsa an sìol agamsa bheir mise leam a’ chearc.” Thug e leis a’ chearc ann am poca. 2 Chaidh e gu taigh Cailleach: “An coimhead thu as dèidh a’ chearc seo dhomh?” “Gu dearbh nì mise sin,” thuirt a’ chailleach. Dh’fhàg e a’ chearc aig taigh na caillich. An ath-là thill am bodach. “Càit a bheil a’ cearc agam?” “Tha mi cho duilich ach sheas a’ bhò agamsa air a’ chearc agadsa agus mharbh i i,” thuirt a’ chailleach. “Tha sin ceart gu leòr,” thuirt am Bodach. “Ach ma mharbh a’ bhò agadsa a’ chearc agamsa bheir mise leam a’bhò.” Thug e leis a’ bhò ann am poca. 3 Chaidh e gu taigh Cailleach: “An coimhead thu as dèidh a’ bhò seo dhomh?” “Gu dearbh nì mise sin,” thuirt a’ chailleach. Dh’fhàg e a’ bhò aig taigh na caillich. An ath-là thill am bodach: “Càit a bheil a’ bhò agam?” “Tha mi cho duilich ach thug an nighean agam a’ bhò sìos dhan an abhainn airson deoch agus thuit i a-steach agus chaidh a’ bhò a bhàthadh” thuirt a’ chailleach. “Tha sin ceart gu leòr” thuirt am Bodach. “Ach ma bhàth an nighean agadsa a’ bhò agamsa bheir mise leam an nighean.” Thug e leis an nighean ann am poca. Dè an crioch as fheàrr leibh? 1 Dh’fhàs am poca ro throm agus shad e am poca dhan an abhainn...? 2 Dh’fhàs am poca ro throm agus leig e às an nighean...? 3 Dh’fhàs am poca ro throm agus leig e às an nighean. Thuit iad ann an gaol agus phòs iad...? Neo ... 4 Chaidh am Bodach gu taigh Cailleach: “An coimhead thu as dèidh am poca seo dhomh?” “Gu dearbh nì mise sin,” thuirt a’ chailleach Dh’fhàg e am poca aig taigh na caillich Feasgar chuala a’ Chailleach fuaim. “Leig a-mach mi! Leig a-mach mi!” Dh’fhosgail i am poca agus dh’innis an nighean dè bha air tachairt dhi. Chruinnich an nighean agus a’ chailleach radain, bruic, luchainn agus cait agus chuir iad na radain, na bruic, na luchainn agus na cait dhan phoca. An ath-là thill am bodach “Càit a bheil am poca agam?” “Seo do phoca” thuirt a’ chailleach. Thug an Bodach leis am poca. Nuair a bha e a’ coiseachd sìos an rathad phut e am poca agus thuirt e ris an nighean, “Siuthad! Seinn!” Rinn am poca fuaim uabhasach. Dh’fhosgail am Bodach am poca. Leum na beathaichean a-mach agus sgròb iad am Bodach. Ruith e dhachaigh. Cha do dh’fheuch e ri fortan a dhèanamh gu bràth tuilleadh. https://www.feisean.org/beairteas/