Sgeulachdan an Taobh Siar: Am fear nach fhaiceadh an t-ìm
Air innse le sgoilearan Sgoil Shiaboist | Recited by pupils at Sgoil Shiaboist as part of Beairteas 2023/4: Sgeulachdan, Rannan & Tòimhseachain an Taobh Siar. Am fear nach fhaiceadh an t-ìm 1. Bha croitear a’ fastadh dhaoine òga airson a chuideachadh ach cha bhiodh iad a’ fuireach fada ged a bha deagh phàigheadh ann aig deireadh na bliadhna (othaisg, caora-uain, reithe, no mult – nan togadh iad às an fhaing iad). 2. Thàinig Lachaidh a dh’obair dha agus aon là thòisich e a’ gal nuair a bha e gabhail a dhiathad. 3. “Tha mi fàs dall. Chan fhaic mi an t-ìm air an aran.” 4. Bha Bean a’ Chroiteir spìocach agus thuirt an croitear rithe biadh a thoirt dhan bhalach. 5. Aon là thòisich e a’ gàireachdainn nuair a bha e a’ gabhail a dhiathad. 6. “Tha mo fhradharc a-nis cho math agus gum faic mi tro rudan.” Agus thog e pìos càise tana. 7. Bha an croitear fiadhaich agus thuirt e ri a bhean biadh gu leòr a thoirt dhan bhalach. 8. Bhon là sin bha am balach a’ faighinn truinnsear mòr làn aran còirce teth. 9. Mhothaich e gun robh e gu math sgìth agus gun lùths. 10. Thuirt an sgalag ris a’ bhalach, “Na ith an t-aran teth. Cuir ann am burn e airson fuarachadh.” 11. Rinn e sin; agus aig deireadh na bliadhna thog e na caoraich às an fhaing agus ‘s e Bean a’ Chroiteir nach robh toilichte. Ged a bha croitear beartach a’ gealltainn pàigheadh math dha balaich a bha ag obair dha, cha robh duine aca a’ fuireach fada. Aig deireadh na bliadhna dh’fhaodadh iad falbh le othaisg, caora-uain, reithe no mult sam bith a thogradh iad, nam b’urrainn dhaibh an togail a-mach às an fhaing. Ach an ceann sia mìosan ’s ann air èiginn a choisicheadh na balaich dhachaigh gun luaidh air mult a thogail. Cha robh an tuathanach a’ tuigse dè bha ceàrr air na balaich. Thàinig am balach seo agus chaidh a’ chiad seachdain gu math dha. Ach aon là, nuair a bha am balach na shuidhe aig a’ bhòrd thòisich e a’ gal. Dh’fhaighnich bean an taighe dha dè bha ceàrr ach cha b’ urrainn dha bruidhinn oir bha e cho troimh-chèile. “Dè tha ceàrr ort?” dh’fhaighnich an croitear. “An d’fhuair thu droch naidheachd?” “’S e th’ ann gu bheil mi a’ call mo fhradhairc,” ars’ am balach. “Tha e air fàs nas miosa gach là. Seall air an aran sin. Chan eil mise a’ faicinn ìm idir a-nis,” ars’ am balach. “Chan eil na mi fhìn!” thuirt an croitear agus chaidh e a bhruidhinn ri a bhean. Bha bean a’ chroiteir a’ smaoineachadh gun robh am balach ag ithe cùs bìdh agus thòisich i a’ cur cho beag de dh’ ìm ’s a b’ urrainn dhi air an aran. Dh’iarr an croitear air a bhean gu leor ìm a chur air pìosan a’ bhalaich oir cha robh e airson a chall. Bha cùisean gu math airson mìos ach aon là nuair a shuidh am balach aig a’ bhòrd nach do thòisich e a’ gàireachdainn. Cha b’urrainn dha stad. “Dè tha gad fhàgail cho toilichte agus nach urrainn dhut ithe?” dh’fhaighnich an croitear. “Nuair a thàinig mi an seo an toiseach bha dùil ’am gun robh mi a’ call mo fhradhairc ach a-nis tha mo shùilean cho geur agus gu faic mi tro rudan,” ars am balach. Thog e am pìos caise a bh’ air a thruinnsear agus bha e cho tana agus gum faiceadh tu troimhe. Sheall an tuathanach ri a bhean agus thuirt e rithe, “Dèan cinnteach gu bheil gu leòr bìdh aige.” ’S e aran coirce teth a bh’ aige an uair sin gach là agus an ceann seachdain mhothaich am balach gun robh e a’ faireachdainn sgìth fad na h-ùine. “Tha mi dìreach uabhasach sgìth,” thuirt am balach ri sgalag a bha ag obair anns an taigh. “Dè dh’ith thu an-diugh?” dh’fhaighnich an nighean. “Fhuair mi aran coirce teth,” thuirt am balach. “’S e sin tha ceàrr!” thuirt an nighean. “O seo a-mach feumaidh tu an t-aran coirce a thumadh ann am burn fuar mus ith thu e. Fàgaidh mise peile le bùrn fuar fon bhòrd a h-uile là ach dèan cinnteach nach fhaic i thu.” Rinn am balach mar a chaidh iarraidh air agus fhuair e a neart air ais an ceann là no dhà. Bhiodh bean an tuathanaich a’ cumail sùil gheur air ach chan fhaca i idir gun robh e a’ fuarachadh an arain choirce. Aig deireadh na bliadhna thagh am balach na caoraich a b’ fheàrr a bh’aig an tuathanach – othaisg, caora-uain, reithe, agus mult agus thog e iad tarsainn air an fhaing. Dh’fhalbh e leotha, e fhèin agus an nighean, agus cha robh cail a dhùil aca tilleadh a dh’obair dhan an tuathanach ged nach b’ e a choire-san a bh’ ann. Abair gu robh bean an tuathanaich fiadhaich. https://www.feisean.org/beairteas/

Sgeulachdan an Taobh Siar: Màiri a’ fuireach aig taigh Granaidh

ADHD Child vs. Non-ADHD Child Interview

De Forest, Helena - Oral Exam Finalist 2026

Sgeulachdan an Taobh Siar: Bodach an t-Sìlein

Mr.Bean Making Celebrities Cry With Laughter NONSTOP!

1 IN A MILLION MOMENTS IN SPORTS !

Sgeulachdan an Taobh Siar: Deirdre agus Clann Uisnich

BEAIRTEAS Seisean 1 – Mairead NicLeòid (Na h-Òganaich) & Norrie Tago MacÌomhair

Sgeulachdan an Taobh Siar: Oidhche Fhiadhaich anns a' Bhàthaich

1986: How to Spot the Upper Class | That's Life! | BBC Archive

Latest Photo Scene Art in Gold Frame | Cozy TV Wallpaper Screensaver (HD)

I'm leaving Germany | Brutally Honest Review

My Golden Retriever Heals a Terrified Rescue Kitten in Just 3 Meetings!

Sgeulachdan an Taobh Siar: Rannan Shiaboist

The Judges Didn't Think She Could Sing... But Then She Opened Her Mouth!

Open ANY Lock without a key in a flash!Smart DIY Tips

Sgeulachdan an Taobh Siar: Na Naoi Piseagan Gòrach

70+ Beautiful Actresses of the 1980s and 1990s : Then and Now 2026!

When Animals Surprise Photographers in the Sweetest Way! 😍

