Sgeulachdan an Taobh Siar: Mar a fhuair am Poca-salainn ochd casan
Air innse le sgoilearan Sgoil Shiaboist | Recited by pupils at Sgoil Shiaboist as part of Beairteas 2023/4: Sgeulachdan, Rannan & Tòimhseachain an Taobh Siar. Mar a fhuair am Poca-salainn ochd casan Bho chionn fhada cha robh casan air an Damhan-allaidh. ’Se bàla cruinn dàthte a bh’ann. Bha e a’ fuireach còmhla ri Nathair. Aon là chunnaic iad boiteagan le casan a’ coiseachd seachad. “Càite an d’fhuair sibh na casan?” dh’fhaighnich iad. “Ann am bùth nan casan,” fhreagair iad. Dh’fhalbh an Damhan-allaidh a dh’fhaighinn casan dha fhèin agus dhan nathair. Bha a’ bhùth fada air falbh. Nuair a ràinig e a’ bhùth cha robh mòran chasan air fhàgail. Fhuair an Damhan-allaidh 8 casan – 4 dha fhèin agus 4 dhan Nathair. Chuir e na casan ann am poca. Roilig e agus roilig e. Dh’fhàs an Damhan-allaidh sgìth. Stad e agus chuir e air 2 chas. Bha e luath a-nis. Choisich e agus chòisich e agus bha e cho sgìth agus gun do chuir e air 2 chas eile. Bha e tòrr nas luaithe le 4 casan. Ruith e agus ruith e agus bha e cho sgìth agus gun do stad e agus chuir e air 2 chas eile. Ach cha robh e math air coiseachd le 6 casan idir. An uair sin smaoinich e. Tha 6 casan ormsa. Chan eil ach 2 chas air fhàgail airson an Nathair. Bidh an Nathair a’ coimhead gu math gòrach le 2 chas. Bidh iad nas fheàrr ormsa. Nuair a ràinig e an taigh bha an Nathair cho toilichte an Damhan-allaidh fhaicinn a’ danns le 8 casan. “Càit a bheil mo chasan-sa?” “O, tha mi cho duilich. Cha robh gin air fhàgail!” Dh’fhàs an Nathair fiadhaich. Dh’fhàs e lùbach. Thàinig teanga fhada a-mach às a bheul. Leis an eagal, chaill an Damhan-allaidh na dàthan breàgha agus bha e a-nis dubh. Ruith an Damhan-allaidh air falach gus nach lorgadh an Nathair e; agus sin mar a tha iad fhathast. https://www.feisean.org/beairteas/

Sgeulachdan an Taobh Siar: Màiri a’ fuireach aig taigh Granaidh

Sgeulachdan an Taobh Siar: Deirdre agus Clann Uisnich

TV ART SLIDESHOW 24/7 | Vintage Floral Gallery 🌼4K Framed Art Screensaver for Living Room

70+ Beautiful Actresses of the 1980s and 1990s : Then and Now 2026!

Soënda de la Compagnie Gioco Cosî avec le SESSAD Petite Enfance du Pôle Enfance de l’APAJH 44

Unbelievable Smart Worker & Hilarious Fails | Construction Compilation #1 #adamrose #smartworkers

Rowan Atkinson's Brilliant Humor Leaves Celebrities in Tears!

Argentinien – Ägypten Highlights | Achtelfinale, FIFA WM 2026 | sportstudio

When a Cat Teaches a Baby How to Talk… And It Gets Hilarious 😹👶

Sgeulachdan an Taobh Siar: Taigh na Cailliche Bige agus Taigh a’ Bhodaich Bhig

Everyone Ignored Him… Until He Played | GUITAR PRO pretended TO BE HOMELESS

Sgeulachdan an Taobh Siar: Am fear nach fhaiceadh an t-ìm

1 IN A MILLION MOMENTS IN SPORTS !

Emergency Door Opening Without Key Just 2 minute 😱 Billions Of People Don't Know This Secret!

Sgeulachdan an Taobh Siar: Anna agus na Corragan

Funniest Moments In Football

NERVOUS 12-Year-Old Who Can Sing Without Opening Her Mouth Earns Mel B's GOLDEN BUZZER!

My Dog Got Jealous Of The Baby… Then This Happened 😂🐶

1986: How to Spot the Upper Class | That's Life! | BBC Archive

