Sgeulachdan an Taobh Siar: Deirdre agus Clann Uisnich
Air innse le sgoilearan Sgoil Bhreascleit | Recited by pupils at Sgoil Bhreascleit as part of Beairteas 2023/4: Sgeulachdan, Rannan & Tòimhseachain an Taobh Siar. Deirdre agus Clann Uisnich 1. Nuair a rugadh Deirdre thuirt draoidh gur i am boireanach a bu bhrèagha anns an t-saoghal. 2. Bha an Rìgh Conchobar airson a pòsadh. 3. Thuit Deirdre ann an gaol le Naois mac Uisnich, agus dh’fhàg iad Èirinn còmhla ri bhràithrean. 4. Dh’fhuirich iad ann an Tìr nam Beann Àrd airson iomadach bliadhna. 5. Thuirt Conchobar riutha tuilleadh gu Èirinn - gun robh e air mathanas a thoirt dhaibh. 6. Bha an Rìgh breugach agus dh’fheuch e ri Deirdre agus Naois a mharbhadh. 7. Rinn draoidh coille mhòr agus muir garbh ach fhuair iad tromhpa. 8. Rinn an draoidh cnapan mòra deighe agus bhàsaich na balaich. 9. Rinn iad uaigh dha na balaich agus leum Deirdre a-steach cuideachd. 10. Cha leigeadh Conchobar leotha a bhith còmhla agus chuir iad Deirdre air taobh eile an locha. 11. An oidhche sin, nochd rionnagan os cionn an locha - Sgrìob Chlann Uisnich. Rugadh leanabh dha bean a’ chlàrsair aig Rìgh Chonchobar. Thuirt draoidh gum biodh i brèagha. Ri linn, bhiodh cogadh ann. Cha robh an rìgh ag iarraidh a marbhadh. Dh’iarr e air cailleach a cumail air falach. Bha Conchobar airson a pòsadh nuair a ruigeadh i aois pòsaidh. Bha Deirdre fiosrach mu bheathaichean, lusan, flùraichean agus craobhan; ach bha tòrr aice ri ionnsachadh mu dhaoine. Gheall Conchobar dhi bliadhna agus là ron phòsadh. Aon là fuar bha Deirdre a’ coimhead a-mach air uinneag. Bha sneachd ann. “Foiteag!” thuirt Deirdre. Chunnaic i boinneagan fala air an t-sneachd agus thàinig fitheach sìos ga òl. “Tha mi ag iarraidh duine le craiceann geal, gruaidhean dearg, agus falt dubh fhaicinn,” thuirt Deirdre ri Conchobar. “Chì thu sin,” ars’ an Rìgh. Thàinig Àrdan, Ainle agus Naois, Clann Uisnich. Thuit Deirdre agus Naois ann an trom ghaol. Cha robh Deirdre airson Conchobar a phòsadh a-nis idir. Bha Conchobar feargach. Dh’fheumadh Clann Uisnich Èirinn fhàgail. Dh’fhalbh iad gu Alba. An dèidh beagan bhliadhnaichean thug Conchobar fiathachadh dhaibh gu cuirm ann an Èirinn. Gheall e gum biodh iad sàbhailte. Cha robh Deirdre ga chreidsinn. Bha an t-eagal air Deirdre. Cha robh i ag iarraidh Alba fhàgail. Rinn i òran brònach mu Alba. Ach bha an cianalas air Naois, Àrdan agus Ainle airson Èirinn. Dh’innis Deirdre dhaibh mu aisling a bh’ aice. Thàinig trì eòin le boinneagan de mhil nam beul ach dh’fhalbh iad le boinneagan fala nam beul. Bha Deirdre ceart. Dh’fheuch Conchobar ri am marbhadh. Cha b’ urrainn dhaibh fuireach ann an Èirinn. Bha iad nas sàbhailte ann an Alba. Dh’iarr Conchobar air draoidh stad a chur orra. An toiseach, chuir e coille air an rathad. Ach rinn Clann Uisnich an slighe tron choille. An uair sin chuir e stad orra le muir mòr glas. Ach shnàmh Clann Uisnich troimhe. Mu dheireadh, reòdh an draoidh am muir. Bha cnapan mòra deigh ann. Dh’fhàs Àrdan sgìth. An uair sin dh’fhàs Ainle sgìth. “Fàg sinne an-seo,” dh’èigh iad. Cha robh Naois airson a bhràithrean fhàgail. Ach bha e ro dhoirbh dha. Thog an draoidh an t-uisge reòite. Bha na triùir bhràithrean nan laighe marbh. Bha Deirdre na suidhe os an cionn a’ rànail. Rinn iad uaigh airson nan triùir bhràithrean. Sheas Deirdre agus thuirt i, “Teann a-nall, Naois,” agus leum i sìos. Shìn i rin taobh. Cha leigeadh Conchobar leotha a bhith còmhla. Chaidh Deirdre a thìodhlacadh air taobh eile an locha. An oidhche sin nochd solais anns na speuran. Sin Sgrìob Chlann Uisnich. https://www.feisean.org/beairteas/

Sgeulachdan an Taobh Siar: Am fear nach fhaiceadh an t-ìm

Sgeulachdan an Taobh Siar: Oidhche Fhiadhaich anns a' Bhàthaich

Vintage Spring TV Art Painting Screensaver | Framed Art TV | Art For TV Screen

Beautiful Relaxing Music - Stop Overthinking, Stress Relief Music, Sleep Music, Calming Music #82

Nobody Breaks Celebrities Like Rowan Atkinson

BEAIRTEAS Seisean 1 – Mairead NicLeòid (Na h-Òganaich) & Norrie Tago MacÌomhair

1 IN A MILLION MOMENTS IN SPORTS !

Everyone Ignored Him… Until He Played | GUITAR PRO pretended TO BE HOMELESS

Pink Ombre Aura Screen | 3 Hours and 1 Second | No Sound

ICO | YMI 2023/24 – Hoireann O Ho Hiri Dhiù O

Sgeulachdan an Taobh Siar: Màiri a’ fuireach aig taigh Granaidh

Rowan Atkinson's Brilliant Humor Leaves Celebrities in Tears!

Flying: Relaxing Sleep Music for Meditation, Stress Relief & Relaxation by Peder B. Helland

Pawel Czerwinski | Abstract Art Slideshow for your TV | 1hour of 4K HD Paintings

Unbelievable Smart Worker & Hilarious Fails | Construction Compilation #1 #adamrose #smartworkers

ADHD Child vs. Non-ADHD Child Interview

Princess Of Boogie Woogie Delights Everyone

When a Cat Teaches a Baby How to Talk… And It Gets Hilarious 😹👶

17-jährige Holländerin wird BELÄCHELT.. dann SINGT sie PHANTOM DER OPER! 😮

