Sgeulachdan an Taobh Siar: Na Naoi Piseagan Gòrach

Sgeulachd le Bill Gordh, air innse le sgoilearan Sgoil Shiaboist | Story by Bill Gordh, recited by pupils at Sgoil Shiaboist as part of Beairteas 2023/4: Sgeulachdan, Rannan & Tòimhseachain an Taobh Siar. Na Naoi Piseagan Gòrach Bha naoi piseagan ann. Aon, dhà, trì, ceithir, còig, sia, seachd, ochd, naoi. (Cunnt air do chorragan) Bha iad gu math toilichte agus bha iad gu math gòrach. Bhiodh iad a’ coiseachd timcheall a’ bhaile air an oidhche a’ seinn Miaww , Miaww, Miaww, Miaww. Cha robh na daoine toilichte. Fosgail an uinneag. Cuir a-mach do cheann. Èigh “Bi sàmhach!” An uair sin chanadh na piseagan Shhhh (corrag air do bhilean) Choisicheadh iad air an corra-biod gu sràid eile. Agus an uair sin thòisicheadh iad a’ seinn a-rithist Miawww, Miaww, Miaww, Miaww, Miaww. Aon là bha iad ag iarraidh a dhol air cuairt gu baile eile. “Thugainn thugainn thugainn,” thuirt ceithir dhiubh. “Tha feagal ormsa,” thuirt còig dhiubh. Ach chuir iad orra na h-adan aca agus an uair sin bha iad a’ faireachdainn treun. Chaidh iad gu tobar. Choimhead iad sìos dhan tobar agus nuair a thuirt iad “ Miaww” chuala iad Miaww air ais. (A bheil fios aig duine sam bith dè chuala iad?) Ruith iad air falbh. “Stad! Stad!” Thòisch a’ phiseag bu shine a’ cunntadh. 1 2 3 4 5 6 7 8. “Tha piseag anns an tobar! Thuit aon againn a-steach.” “O mo chreach! Tha piseag air tuiteam sìos dhan tobar!” Chaidh a’ phiseag bu shine faisg air an tobair a-rithist. Sheall i sìos agus chunnaic i piseag shìos anns an tobar. (A bheil fios aig duine sam bith dè chunnaic i?) “Feumaidh sinn a’ phiseag a chuideachadh.” Fhuair iad ròpa agus chaidh a’ phiseag bu shine sìos dhan tobair. Bha na piseagan eile a’ cumail grèim teann air an ròpa. Nuair a ràinig a’ phiseag sìos dhan bhùrn leig i às an ropa - agus thuit na piseagan eile sìos air a muin. Cha robh an tobar domhainn ach bha iad uile fliuch. (cràth do làmhan) Shad iad na h-adan a-mach an toiseach agus an uairsin shreap iad uile a-mach. Chunnt a’ phiseag a b’ òige na h-adan. “Aon, dhà, trì, ceithir, còig, sia, seachd, ochd, naoi.” “Tha sinn gu lèir an seo!” thuirt i. Agus choisich iad sìos an rathad a’ seinn Miawww, Miaww, Miaww, Miaww, Miaww! www.feisean.org/beairteas