ORAN A PHRIONNSA ~ KATHLEEN MACINNES ~ (Lyrics )
/ 100107563413271 https://learngaelic.scot/index.jsp https://www.duolingo.com/course/gd/en... ~~ORAN A PHRIONNSA~~ A dh'ionnsaighcladach a' chuain ri fuar ghaoth an anmoich Thàinig Tearlach gu dealrach air Albann 's e sgith Cha ro reul air a bhroilleach neo freiceadan 'falbh leis Ach aithne nan gorm-shùil gu daelbhaich a li 'Smar dhaoimein san oidhche bha a' mhaighdean fo thùrsa 'Si cràiteach mu Thearaich 'bhi a' fàgail a dhùthcha 'S bu trom a bha a h-osna 's bu ghoirt deòir bho sùilean On a chunnaic i an lubhrach a' dlùthadh ri tir. Bha a' ghaelach a' snàmh thar àirde nan stùc-bheann 'S a gathannan siùbhlach far dlùth-thonn a leum Gu grad thug i 'n aire mar òigh air a ciùrradh Gu sgàil air a gnù is ghil fo shiùil neòil nan speur Dhan a' ghealaich 's na reultan iad fhéin anns 'sa ghorm-bhrat Bha osna na gaoithe trom chaoimhneil a' falbh uainn Bha gearain a' chuain an àm bualadh ri garbh-chreag Mo léir chreach air Albainn 'sann a mharbhadh na tréun. Sheas Flòraidh 's Tearlach air tràigh nan tonn caoir-gheal 'S bu reub-chritheach aoignealach an aogasg le cràdh Cha robh facal fo 'm bilean ach sileadh gun fhaochadh 'S iad aodann ri aodann a' glaodhadh le gràdh Nuair a thàinig a' bhirlinn 'se a ribhinn a thòisich Le brist-ghuthan anabaich 's seanchas gun teôma Mar chlàrasach 's a teudan gun ghleusadh gun ôrdan Bha reul nam ban ôga fo dhôrunn'sfo spairn. 'Sa Thearlaich Mhic Sheumais, Mhic Sheumais nan cùirtean Mar leònadh do chùn bidh mar umbadh gun fheum Mar leònadh na treun-laoich chan èirich 's cha dùisg iad Tha trom chadal dùint' shùileach udlaidh an eug (bàs) Cha ghlac iad lann anns a' champ ri uchd nàmhaid Cha fhaic iad a' bhratach 's cha ghlac iad air làimh i Bidh sàile 's am bàs, air fad fàgail o chéile. 'Sa Thèarlaich Mhic Sheumais ma dh'fheumas tu triall bhuainn Gu coimhead Mac Dé thu a fiacian nan daoidh Gun stiùir e an iubhrach feadh dhlùth thonnainn fiadhaich Gu réidh-shligheach dian-shiùbhlach fior-luath gu tir 'S gum boillsg' iad san oidhche ort na soillsearan nèamhaidh Gu shiùilmhór gad stiùireadh gu dùthaich nach fheum thu Nad ògarach brònach fo chòmhdach na reubal Tha ala-bharrach éididh neo-spéiseil nan cridh. O Albainn tha 'n t-àm aig do cheann a bhi a' dortadh Do Phrionns' 'uat air fòdragh 's tu lòchradh san uaigh Tha crònan do phioban a sior dhiuilteadh ceòl dhuit 'S do chlàrsairean ro-mhilis diùmbach gachuair Tha cruiteirean sgiamhach nan sior-chrannaibh sàmhach Cha dòirt iad an ceilearadhma bhroilleach mu Thèarlaich Cha dùisg iad na treun-laoich a dh'eug anns an fhàsaich Cha mhosgail o'n bhàs iad aig àirdead a feum. Ach stad e 's le ròs-bhilean phòg e a' mhaighdinn 'S e siabadh gu coimhneil na deuran bho sùil Glac sòlas a Fhlòraidh a òganaich Fhrangach A dh' éireas neo-ghann ruim a bhuannachd mo chrùn Tha lasgairean ana-bhunach an Albainn a dhùisgeas Le 'n trusgairean ballabhreac 's le m' armailt math dùbailt Théid caithream nan garbh-chreach le borb sgread gu lùireadh 'S bi trupairean crùbach gun luths' anns gach cùl, Ach dh'dhàg e h-aonar a' caoineadh air tràigh i 'S gun dh' fhalabh e 'sa bhàta 's e fàsgadh man dòrn A 'chliabhair a' lionadh le iargain làn sgàinidh 'S a h-inntinn air luasgann air chuan mar ri Tèarlach Chan fhaic i e tuilleadh chum na buillean a phàigheadh Ach mheudaich i gràdh dha gach là bha i beò.

Kathleen MacInnes - Oran Dhomhnaill Phadraig Lagain - Fonn mo Bheatha !

Why The Scottish Genetic Origin is So Mysterious?

SALM NA MARA~ KATHLEEN MACINNES~ STRUILEAG (Lyrics)

My Golden Retriever Heals a Terrified Rescue Kitten in Just 3 Meetings!

The Match That Made Brazilians Hate Germany

The Judges Didn't Think She Could Sing... But Then She Opened Her Mouth!

Adolf Hitler – Speech to German workers at the Siemens factory in Berlin, November 10, 1933

Incredible Spectacle! Only in Scotland! Escort to the Crown of Scotland

The Scottish Diaspora Is Bigger Than Scotland — And Most Of It Lives In America

Kathleen MacInnes 'A Mhic Iain Ic Sheumais'

The Scottish People Were Never Who We Thought — Ancient DNA Finally Revealed The Truth

The Truth About the Black Irish: Ireland’s Hidden DNA

THUGAINN A BHLÀRAG ~ KATHLEEN MACINNES (LYRICS)

When a Cat Teaches a Baby How to Talk… And It Gets Hilarious 😹👶

Canntaireachd (Kim Carnie / Kathleen MacInnes / Brìghde Chaimbeul / Ailis Sutherland) @ Piping Live!

Kathleen Maclnnes - Òran na Cloiche

Mo Ghille Mear (My Gallant Hero) - Choral Scholars of University College Dublin

Oran Dhomhnaill Phadraig lagain

Kathleen Macinnes-Jimmy Mo Mhíle Stór

